Geamhradh air chul dhuinn ‘s funchd an DubhlachdIs gealladh earraich ris tighinn ‘n ar smuainAimsir dochais dh’ aois ‘s dh’ oighridhAgus aimsir solais a leigeil dheth suainFluran a’ dusgadh blath’s a’ lughasIs spionnadh as ur, an gaol bha’n inbhe dhol fuar.Gradh geal an t-samhraidh cas-ruisgt’ a deann-ruidhIs lathean sona ar leinn iad gun cheannDearrsadh greine toirt uainn leirsinnA’ dalladh ar ceile air saoghal mar bh’annSeall ud am marach s’fiamh a’ ghair airTairgse dhuinn gradh nach fas fuar no fannOiteag an fhoghair fionnar thar fadhailIs arbhar fearrain nis buainte ri larDia ri mholadh ‘son an toraidhIs Cruachan de chaonnadh fad’ geamhraidh gu ‘r blath’sDuilleach a’ seargadh measan cuid searbh dhuidhIs Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar graidh.’Nuair thig an geamhradh reothadh mar lannsaIs storimean naimhdeilTigh’nn oirnne bho’nTuath Dhuinn mar choist e gaol g’e seasmhach’M faigh sinn an teisteanas maireannach buanDorcha g’e laithean dluth dhuinn tha marach’S Earrach an aigh cur cagair ‘n ar cluais.