Language Of The Gaels – Dan Ar Braz – letras

1 cha b’ e sneachda ‘s an reòthadh bho thuath,Cha b’ e ‘n crannadh fuar bho ‘n ear,Cha b ‘e ‘n uisge ‘s an gailleon bho ‘n iar,Ach an galair a bhlean bho ‘n deasBlàth, duilleach, stoc, agus freumhCanan mo threubh ‘s mo shluaidh.Séist: thig thugainn, thig co-rium gu siarGus an cluinn sinn ann canan nam féinn,Thig thugainn, thig co-rium gu siarGus an cluinn sinn ann canan nan gaidheal.2 far a nuas dhuinn na coinnleirean òir’s annt’ caraibh coinlean geal ceirLasaibh suas iad an seòmair bhroinTìgh-‘aire seann chanan a’ ghae’l’s sud o chionn fhad’ thuirt a namhAch fhathast tha beò canan a’ ghae’l.3 ‘s iomadh gille thug greis air a’ chuibhl »s an du-oidhch’ thog fonn gàidhlig a chridh’s iomadh gaisgeach a bhrosnaich ‘sa bhlairGu euchd nuair bu teòtha bha ‘n strìO ghaidheil, o caite ‘n deach t’ uaill’nad fhine ‘s ‘nad chanan ‘s do thir.?4 uair chite fear-feilidh ‘sa ghleannBu chinnteach gur gàidhlig a chainntAch spion iad a fhreumh as an fhonn’n aite gàidhlig tha canan a ghoill’s a ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn’s tir mhajors is cholonels ‘n diugh th’ innt’.5 o chanan ta leath ri mo chridhM’ aran m’ amhlan is m’ anal ‘s mo smior’s tu cho aosd ri fraoch-dosradh nam frithShloinneadh og leat beinn, leitear is sgurGhaidheil, ‘gad easbhuidh, ‘s ‘gad dhith’s clarsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.6 ged theich i le beath’ as na glinnGed ‘s gann an diugh chluinntear i nis moO dhuthaich mhicaoidh fada tuathGu ruig thu druim-uachdar nam boGigheal, dhi na eileanan siarBi na claimheamh ‘s na sgiath’n ud dhoirn.7 ged nach chluinntear nis mo i ‘san dunNo ‘n talla-nan-cliar is nan còirnGed tha meòir chloinn’iccreumein gun luthsO ‘n tric feasgair ciuin dhoirteadh ceòlGigheadh, anns na eileanan-siar’s i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh.8 tha na suinn le ‘m bu bhinne bha t’ fhuaim’nad linn thir nam fuarbeannaibh ardAig an druim anns na uaidhean nan suainSuas air eirigh mo thruaigh tha nan àitEadhon siar ann an duthaich-mhicleoidLinn og oirt a ghàidhlig rinn tair.

Laisser un commentaire

Concevoir un site comme celui-ci avec WordPress.com
Commencer